Getting to know people A’ cur eòlas air daoine
Do you recognise that black-haired guy?An aithne dhuibh am fear dubh sin?
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
an aithne dhuibh i? do you know her? (plural/polite)
To answer that you know somebody when asked an aithne …?, use:
’s aithne yes (to answer an aithne …?)
chan aithne no (to answer an aithne …?)
’s dòcha gur aithne dhut mi maybe you know me
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Ailean Mac an t-Saoir | Seall an tè dhubh. An aithne dhuibh i? | Look at the black-haired girl. Do you know her? |
| Man 2 | Chan aithne. | No. No. |
| Ailean Mac an t-Saoir | Tha mise cinnteach gum bruidhinn i rium. | I’m sure that she’ll speak to me. |
| Man 3 | Carson nach tèid thu a bhruidhinn rithe, ma-thà? Thig sinne còmhla riut. | Why don’t you go and speak to her, then? We will come with you. |
| Man 2 | Cha tig. Thèid mi ann leam fhìn. Bidh barrachd teansa agam. | No. I’ll go by myself. I’ll have more of a chance. |
| Sandra Chaimbeul | An aithne dhuibh am fear dubh sin? | Do you know that black-haired guy? |
| Woman 2 / 3 | ’S aithne. Sin Ailean Mac an t-Saoir. | Yes. That’s Alan Macintyre. |
| Sandra Chaimbeul | Dè tha ceàrr air? | What’s wrong with him? |
| Woman 2 | Tha e làn dheth fhèin. Nuair a bha Raonaid a’ dol a-mach leis, cha bhiodh e a’ dèanamh càil ach bruidhinn mu dheidhinn fhèin. | He’s full of himself. When Rachel was going out with him, he would do nothing but speak about himself. |
| Woman 3 | Bhiodh Seònaid a’ dol a-mach leis cuideachd, ach cha b’ urrainn dhi cur suas leis. | Janet used to go out with him too, but she couldn’t put up with him. |
| Sandra Chaimbeul | Tha mise a’ smaoineachadh gun còrdadh e leam a bhith a’ dol a-mach leis. Tha e snog. | I think that I’d enjoy going out with him. He’s nice. |
| Woman 2 | Seall, tha e a’ tighinn a-nall. | Look, he’s coming over. |
| Sandra Chaimbeul | Bithibh modhail. | Be polite. |
| Ailean Mac an t-Saoir | Haidh. ’S dòcha gur aithne dhut mi? ’S mise Ailean Mac an t-Saoir. | Hi. Maybe you know me? I’m Alan Macintyre |
| Sandra | ’S mise Sandra Chaimbeul. | I’m Sandra Campbell. |
| Ailean Mac an t-Saoir | Tha mi cinnteach gun còrdadh e riut bruidhinn rium. Tha mise ag obair air na plèanaichean. | I’m sure that you’d enjoy speaking to me. I work on the planes. |
| Sandra Chaimbeul | Agus tha mise cinnteach gun còrdadh e riut bruidhinn riumsa, ’s e modal a th’ annam. | And I’m sure that you’d enjoy speaking to me, I’m a model. |
| Ailean Mac an t-Saoir | Thugainn is gheibh sinn deoch. | Let's go and get a drink. |