Customary activities Gnìomhan àbhaisteach
Would / could you put this big bag beside the other bag?An cuireadh tu am baga mòr seo ri taobh a' bhaga eile?
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
an dèanadh tu…? would you do / make …?
… rudeigin dhomh … something for me
an dèanadh tu sin? would you do that?
An dèanadh …? can also be used to ask conjectural questions:
an dèanadh dà phinnt bainne an gnothaich an-diugh? would two pints of milk do today?
an cuireadh tu …? would you put …?
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Màiri | Tha thu air a bhith a’ ceannach, a Chatrìona. | You’ve been shopping, Katrina. |
| Catrìona | Halò a Mhàiri. ’S àbhaist dhomh a bhith a’ ceannach a h-uile rud fada ron Nollaig. Tha mi fadalach am-bliadhna. | Hello Mary. I usually buy everything long before Christmas. I’m late this year. |
| Màiri | Tha is mise. Chan àbhaist dhomh a bhith a’ fàgail rudan cho fada idir, ach tha mi air a bhith uabhasach trang. Agus seall seo. Chan àbhaist dhuinn a bhith a’ faighinn tunnag aig an Nollaig idir, ach cha robh cearc-Fhrangach air fhàgail. Chan eil fhios agam an còrd tunnag ris an teaghlach idir. | Me too. We don’t usually leave things so late at all, but I’ve been terribly busy. And look at this. I don’t usually get duck at Christmas at all, but there wasn’t a turkey left. I don’t know if the family will enjoy duck at all. |
| Catrìona | Tha mi cinnteach gun còrd. ’S toigh leam fhìn tunnag air a ròstadh. | I’m sure that they will. I like roast duck myself. |
| Màiri | An e tunnag a tha agad fhèin, ma-thà? | Do you have duck yourself then? |
| Catrìona | Chan e. Cha toigh le Dòmhnall tunnag. ’S e cearc-Fhrangach a cheannaich mi. | No. Donald doesn’t like duck. I bought a turkey. |
| Màiri | Chan ann an seo a fhuair thu cearc-Fhrangach, an ann? | You didn’t get a turkey here, did you? |
| Catrìona | ’S ann. Fhuair mi an tè mu dheireadh. | Yes. I got the last one. |
| Màiri | Nach buidhe dhut. Bidh dìnnear mhath Nollaig agaibhse. | Lucky you. You’ll have a good Christmas dinner. |
| Catrìona | Chan e Nollaig cheart a bhiodh ann gun chearc-Fhrangach. | It wouldn’t be Christmas without turkey. |
| Màiri | Bidh an teaghlach agamsa ag ràdh nach e Nollaig cheart a bhios ann. | My family will say that it isn’t a proper Christmas. |
| Catrìona | Am bi iad riaraichte gu leòr le tunnag? | Will they be satisfied enough with duck? |
| Màiri | Cha bhi. Bidh iad a’ trod agus a’ gearain air sàilleabh nach d’ fhuair iad chearc-Fhrangach. | No. They will be arguing and complaining because they didn’t get turkey. |
| Catrìona | Ma tha thu ga h-iarraidh, bheir mi dhut a’ chearc-Fhrangach. | If you want it, I’ll give you the turkey. |
| Màiri | Ò uill. Ma tha thu cinnteach. A bheil thu ag iarraidh na tunnaig seo? | Oh well. If you are sure. Do you want this duck? |
| Catrìona | Tha mi a’ creidsinn gu bheil. | I think so. |
| Catrìona’s husband | An d’ fhuair thu a’ chearc-Fhrangach ma-thà, a ghràidh? | Did you get the turkey then, dear? |
| Catrìona | Cha d’ fhuair. ’S e tunnag a th’ agam. | No. I have duck. |
| Catrìona’s husband | Dè? | What? |
| Màiri | Fhuair mise a’ chearc-Fhrangach mu dheireadh. Nollaig Chridheil nuair a thig i. | I got the last turkey. Merry Christmas when it comes. |