FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about health A’ bruidhinn mu shlàinte

You may park the car thereFaodaidh sibh an càr a phàirceadh an sin

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

air beulaibh in front of

air cùlaibh behind

oifis a’ phuist post office

talla hall

air beulaibh oifis a’ phuist in front of the post office

air cùlaibh an talla behind the hall

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Wife Dè tha thu a’ dèanamh?
Tha do bhracaist air a’ bhòrd.
What are you doing?
Your breakfast is on the table.
Husband Chan eil mise ag iarraidh an stuth ud. I don’t want that stuff.
Wife Och, Ailein.
Tha iogart ann agus muesli agus aran donn, agus measan.
Tha measan math dhut.
Och, Alan.
There’s yoghurt and muesli and brown bread, and fruit.
Fruit is good for you.
Husband Ith fhèin iad ma-thà. Eat them yourself then.
Wife Tha Dòmhnall an seo, a ghràidh. Donald’s here, dear.
Dòmhnall Haidh, Ailein. Hi, Alan.
Ailean Haidh. Hi.
Dòmhnall A bheil thu ag iarraidh gèam badmantain? Do you want a game of badminton?
Ailean Chan eil. No.
Dòmhnall Tha beagan eacarsaich math dhut. A little exercise is good for you.
Ailean Tha fhios agam, ach tha mi a' coimhead rudeigin air an teilidh. I know, but I’m watching something on the telly.
Dòmhnall Do thoil fhèin. As you wish.
TV Agus suas is sìos, suas is sìos, sìos, sìos, do làmhan suas, suas air do cheann agus tòisich a-rithist.
Ailein.
Seadh thusa, Ailein Mhoireasdain, dè tha thusa a’ dèanamh an sin?
Seall ort.
Chan eil e math dhut a bhith a’ suidhe sin a’ coimhead air an teilidh fad an latha.
Fàsaidh tu sean agus reamhar.
Agus, cha bu chòir dhut a bhith a’ smocadh nas motha.
Carson nach dèan thu beagan eacarsaich, eh?
Tha beagan eacarsaich math dhut, a bheil fhios agad?
And up and down, up and down, down, down, your hands up, up over your head and start again.
Alan.
Yes you, Alan Morrison.
What are you doing there?
Look at you.
It isn’t good for you to be sitting there watching the telly all day long.
You will get old and fat.
And, you shouldn’t be smoking either.
Why don’t you do a little exercise, eh?
A little exercise is good for you, you know?
Ailean Och, thalla.
Dùin do bheul.
Och, away.
Shut your mouth.
TV Na bi cho mì-mhodhail, Ailein.
Nise, èist.
Carson nach tèid thu a-mach a chluich badmantan còmhla ri Dòmhnall? Eh?
Thalla is faigh do bhrògan.
Tha iad anns a’ phreasa.
Thall an sin, siuthad.
Don’t be so rude, Alan.
Now, listen.
Why don’t you go out and play badminton with Donald?
Eh?
Away and get your shoes.
They’re in the cupboard.
Over there, go on.
Ailean Ok, ok.
Tha mi a’ falbh.
Ok, ok.
I’m going.
TV Ò, thà.
Tha mi an seo fhathast.
Nise, thalla.
Greas ort.
Oh yes.
I’m still here.
Now, go!
Hurry up.
Father Na bi a’ cluich sin cho àrd.
Chan eil e math dhut.
Fàsaidh tu bodhar.
Don’t play that so loud.
It isn’t good for you.
You’ll go deaf.