FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Getting to know people A’ cur eòlas air daoine

What would you like to do when you grow up?Dè bu toigh leat a dhèanamh nuair a dh'fhàsas tu mòr?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè bu toigh leat a dhèanamh? what would you like to do?

bu toigh leam a bhith nam shaighdear I would like to be a soldier

bu toigh leam a bhith nam pheantair I would like to be a painter

dè bu toigh leat a dhèanamh …? what would you like to do …?

… nuair a dh’fhasas tu mòr … when you grow up

… nuair a dh’fhàgas tu an sgoil when you leave school

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Ailean Mac an t-Saoir Seall an tè dhubh.
An aithne dhuibh i?
Look at the black-haired girl.
Do you know her?
Man 2 Chan aithne. No.
No.
Ailean Mac an t-Saoir Tha mise cinnteach gum bruidhinn i rium. I’m sure that she’ll speak to me.
Man 3 Carson nach tèid thu a bhruidhinn rithe, ma-thà?
Thig sinne còmhla riut.
Why don’t you go and speak to her, then?
We will come with you.
Man 2 Cha tig.
Thèid mi ann leam fhìn.
Bidh barrachd teansa agam.
No.
I’ll go by myself.
I’ll have more of a chance.
Sandra Chaimbeul An aithne dhuibh am fear dubh sin? Do you know that black-haired guy?
Woman 2 / 3 ’S aithne.
Sin Ailean Mac an t-Saoir.
Yes.
That’s Alan Macintyre.
Sandra Chaimbeul Dè tha ceàrr air? What’s wrong with him?
Woman 2 Tha e làn dheth fhèin.
Nuair a bha Raonaid a’ dol a-mach leis, cha bhiodh e a’ dèanamh càil ach bruidhinn mu dheidhinn fhèin.
He’s full of himself.
When Rachel was going out with him, he would do nothing but speak about himself.
Woman 3 Bhiodh Seònaid a’ dol a-mach leis cuideachd, ach cha b’ urrainn dhi cur suas leis. Janet used to go out with him too, but she couldn’t put up with him.
Sandra Chaimbeul Tha mise a’ smaoineachadh gun còrdadh e leam a bhith a’ dol a-mach leis.
Tha e snog.
I think that I’d enjoy going out with him.
He’s nice.
Woman 2 Seall, tha e a’ tighinn a-nall. Look, he’s coming over.
Sandra Chaimbeul Bithibh modhail. Be polite.
Ailean Mac an t-Saoir Haidh.
’S dòcha gur aithne dhut mi?
’S mise Ailean Mac an t-Saoir.
Hi.
Maybe you know me?
I’m Alan Macintyre
Sandra ’S mise Sandra Chaimbeul. I’m Sandra Campbell.
Ailean Mac an t-Saoir Tha mi cinnteach gun còrdadh e riut bruidhinn rium.
Tha mise ag obair air na plèanaichean.
I’m sure that you’d enjoy speaking to me.
I work on the planes.
Sandra Chaimbeul Agus tha mise cinnteach gun còrdadh e riut bruidhinn riumsa, ’s e modal a th’ annam. And I’m sure that you’d enjoy speaking to me, I’m a model.
Ailean Mac an t-Saoir Thugainn is gheibh sinn deoch. Let's go and get a drink.