Talking about the body A’ bruidhinn mun bhodhaig
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Mother | Rebecca, dè tha thusa a’ dèanamh shìos an staidhre aig an uair seo? | Rebecca, what are you doing downstairs at this time? |
| Rebecca | Chan urrainn dhomh cadal. Tha mo chluas goirt. | I can’t sleep. My ear is sore. |
| Mother | Obh, obh. Trobhad an seo. Nis, an e seo a’ chluas a tha goirt? | Oh dear. Come here. Now, is this the ear that is sore? |
| Rebecca | Chan e. A’ chluas seo. | No. This ear. |
| Mother | A bheil thu cinnteach? | Are you sure? |
| Rebecca | Tha. | Yes. |
| Mother | Trobhad ort, a Dhadaidh. A bheil fios agad dè tha clas a trì a’ dèanamh sa mhadainn a-màireach? | Hey, Daddy. Do you know what class three are doing tomorrow morning? |
| Father | PE, an e? | PE, is it? |
| Mother | ’S e, a Dhadaidh. PE. Ach bha na cluasan aig Rebecca goirt an t-seachdain sa chaidh an uair a bha PE ann. | Yes, Daddy. PE. But Rebecca’s ears were sore last week when PE was on. |
| Father | Bha, ceart gu leòr. | Yes, right enough. |
| Staff | Feasgar math. | Good afternoon. |
| Girl 1 | Tha sinn ag iarraidh tuill anns na cluasan againn, mas e ur toil e. | We want piercings in our ears, please. |
| Girl 2 | Tha ise ag iarraidh tuill anns na cluasan aice. | She wants piercings in her ears. |
| Girl 1 | Dè tha thu a’ ciallachadh? Tha thusa ag iarraidh tuill anns na cluasan agadsa cuideachd, nach eil? | What do you mean? You want piercings in your ears too, don’t you? |
| Girl 2 | Chan eil mi cinnteach. A bheil e goirt? | I’m not sure. Is it painful? |
| Staff | Chan eil. Cha toir e mionaid. Trobhadaibh. | No. It won’t take a minute. Come here. |
| Granny | Tha Philip a’ fàs mòr, nach eil? | Philip’s getting big, isn’t he? |
| Mother | Tha. | Yes |
| Granny | Trobhad, a Chatrìona. Trobhad an seo. Trobhad gus an glan mi do shròn. | Come, Katrina. Come here. Come so that I can clean your nose. |
| Catrìona | A ghranaidh. | Granny. |