Asking permission Ag iarraidh cead
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Barman 1 | Tha mi deiseil dheth. | I’m finished. |
| Barman 2 | Ò, tapadh leat. | Oh, thank you. |
| Barman 1 | Am faod mi a dhol dhachaigh a-nis? | Can I go home now? |
| Barman 2 | Faodaidh gu dearbh. | You can indeed. |
| Barman 1 | Tapadh leibh. | Thank you. |
| Barman 2 | Feasgar math. | Good evening. |
| Barman 1 | Feasgar math. | Good evening. |
| Girl | Am faod sinn falbh a-nis? | Can we go now? |
| Teacher | A bheil sibh deiseil? | Are you finished? |
| Girls | Tha. | Yes. |
| Teacher | Tapadh leibh. Ceart, faodaidh sibh falbh. | Thank you. Ok, you can go. |
| Girls | Tapadh leibh. | Thank you. |
| Teacher | È, chì mi a-màireach sibh. | Eh, I’ll see you tomorrow. |
| Daughter | Tha dannsa anns a’ bhaile a-nochd. | There’s a dance in town tonight. |
| Dad | Tapadh leat a ghraidh. Dè thuirt thu? | Thank you dear. What did you say? |
| Daughter | Tha dannsa anns a’ bhaile a-nochd. | There’s a dance in town tonight. |
| Dad | A bheil gu dearbh? Mmm, tha seo math. | Is there really? Mmm, this is good. |
| Daughter | A dhadaidh, am faod mi a dhol chun an dannsa? | Dad, can I go to the dance? |
| Dad | Faodaidh a ghraidh, faodaidh. | Yes dear, yes. |
| Mother | Càit a bheil thu Alasdair? | Where are you Alasdair? |
| Son | Tha mi anns an rùm agam. | I’m in my room. |
| Mother | Am faod mi tighinn a-steach? | Can I come in? |
| Son | Faodaidh. | Yes. |