FaclairDictionary EnglishGàidhlig

‘Thugainn a Rùin’

An latha eile, bha mi ag èisteachd ri òran Gàidhlig air an eadar-lìon.

Audio is playing in pop-over.

‘Thugainn a Rùin’

An latha eile, bha mi ag èisteachd ri òran Gàidhlig air an eadar-lìon. Bha e air a ghabhail le boireannach òg – Iris NicLeòid. Òran snog a th’ ann, air a dheagh sheinn. Seo mar a tha a’ chiad rann a’ dol:

O, thugainn, a rùin, ’s mo dhùil dhol thairis,

’S gum faic sinn gach gnùis, gach sùil as math leinn,

Le eòlas cairt-iùil nì ’chùrsa maraich’

’S a shùil ri cladaichean Leòdhais.

Is fìor thoigh leam an comhardadh anns an òran – an comhardadh-meadhain no ‘internal rhyme’. Èistibh ris a-rithist, agus cuiridh mi beum far a bheil gach comhardadh.

O, thugainn, a rùin, ’s mo dhùil dhol thairis,

’S gum faic sinn gach gnùis, gach sùil as math leinn,

Le eòlas cairt-iùil nì ’chùrsa maraich’

’S a shùil ri cladaichean Leòdhais.

Bha comhardadh mar sin a’ nochdadh gu tric ann am bàrdachd chlasaigeach. A bharrachd air sin, tha comhardadh-deiridh ann aig deireadh loidhnichean a h-aon agus a trì – thairis agus maraich’. Feumaidh bàrd, a sgrìobhas bàrdachd mar seo, a bhith gu math sgileil leis a’ chànan. Agus tha am bàrd seo dàna anns an dòigh ’s am bi e ag atharrachadh òrdugh ‘àbhaisteach’ nam faclan.

Tuigidh sibh gur ann à Eilean Leòdhais a tha an t-òran. ’S e an t-ainm a th’ air ‘Thugainn a Rùin’, agus tha e mu dheidhinn cuideigin a th’ air an t-eilean fhàgail airson a dhol a dh’fhuireach thall thairis. Sin cuspair a nochdas gu tric ann am bàrdachd nan Gàidheal anns an naoidheamh linn deug agus san fhicheadamh linn. ’S iomadh Gàidheal a chaidh a-null thairis anns na linntean sin.

’S e Murchadh MacIlleMhoire – Murchadh a’ Bhocs – a sgrìobh an t-òran. Rugadh e ann an Siadar Uarach ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884). Bha e air aithneachadh mar ‘Bàrd Bharbhais’.

Bha Murchadh a’ fuireach greis ann an Steòrnabhagh, far an robh e na fhuineadair. Chaidh e an uair sin a dh’fhuireach ann an Glaschu mus do ghabh e rathad cumanta nan eilthireach gu ruig’ Ameireagaidh. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Niagara Falls ann an stàit New York. Agus dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha.

Sgrìobh Murchadh tòrr òran mu eilean a bhreith, gu sònraichte nuair a bha e a’ fuireach ann an Glaschu. Chaidh na h-òrain a chur còmhla anns an leabhar ‘Fear Siubhal nan Gleann’, a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is trì air fhichead (1923).

Seo agaibh an treas rann de ‘Thugainn a Rùin’:

Gur binn bhios an fhuaim ’s ar cluas ri claisneachd,

Ri cluinntinn a’ chuain, fad’ bhuainn le caithream

Bidh osnaich nan stuagh a’ gluasad ar n-aigne,

A’ bualadh cladaichean Leòdhais.

Tha an aon phàtran de chomhardadh anns an rann seo, mar a bhiodh dùil.

Gur binn bhios an fhuaim ’s ar cluas ri claisneachd,

Ri cluinntinn a’ chuain, fad’ bhuainn le caithream

Bidh osnaich nan stuagh a’ gluasad ar n-aigne,

A’ bualadh cladaichean Leòdhais.

Agus, a-rithist, tha comhardadh-deiridh ann anns a’ chiad agus treas loidhne – claisneachd agus aigne.

Tha an t-òran gu math laghach. Ach, cho luath ’s a chuala mi e, shaoil mi – mmm, tha am fonn seo co-cheangailte ri òran eile. Òran ainmeil. Air a sgrìobhadh le bàrd às an Eilean Sgitheanach. Bheir sinn sùil air an òran sin anns an ath Litir.

Litir 1423 Litir 1423

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!