FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fionn agus an Ath-chadal

Ciamar a chanas sinn ann an Gàidhlig, ‘I went back to sleep, I slept in’?

Audio is playing in pop-over.

Fionn agus an Ath-chadal

Ciamar a chanas sinn ann an Gàidhlig, ‘I went back to sleep, I slept in’? Faodaidh sinn seo a ràdh: ‘Rinn mi an ath-chadal.’ Agus ciamar a chanas sinn ‘reddening of the sky’? Uill, tha an abairt seo againn – rudhadh shuas. Reddening up high. Rudhadh shuas.

Tha an dà abairt a’ tighinn còmhla ann an seanfhacal Gàidhlig a tha a’ gabhail a-steach an t-sàr-ghaisgich, Fionn MacCumhail:

Rudhadh shuas an àm laighe,

Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn,

Rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn,

Dhèanadh Fionn an ath-chadal.

Tha seo car coltach ri seanfhacal Beurla, ged nach eil sgeul air Fionn anns a’ Bheurla.

Rudhadh shuas an àm laighe: [With a] reddening of the sky at bedtime, Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn: Fionn would rise early in the morning. Rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn: [With a] reddening of the sky in the early morning. Dhèanadh Fionn an ath-chadal: Fionn would have a long lie.

Rudhadh shuas an àm laighe

Dh’èireadh Fionn moch sa mhadainn

Rudhadh shuas sa mhoch-mhadainn

Dhèanadh Fionn an ath-chadal.

Carson a dh’èireadh Fionn tràth – no moch – sa mhadainn nam biodh rudhadh san adhar an oidhche roimhe? Uill, bhiodh fios aige gur e deagh latha a bhiodh roimhe. Bhiodh an rudhadh shuas am feasgar roimhe ag innse sin dha.

Agus carson a dhèanadh Fionn an ath-chadal nam biodh rudhadh san adhar anns a’ mhoch-mhadainn? Uill, thuigeadh e gun robh droch shìde a’ tighinn – math dh’fhaodte stoirm.

Agus dè an seanfhacal Beurla a th’ ann, a tha a-mach air an dearbh rud? Tha – red sky at night, shepherd’s delight; red sky in the morning, sailor’s warning.

Bha na seann daoine fìor mhath air tomhas a dhèanamh air an t-sìde a bhiodh romhpa le bhith a’ coimhead air nàdar, gu sònraichte air na sgòthan agus air coltas an adhair. Bhiodh iad cuideachd a’ dèanamh fàisneachd air an aimsir a rèir mar a bhiodh cuid de dh’eòin gan giùlan fhèin. Dh’inns mi dhuibh mu fheadhainn dhiubh ann an Litir 1188.

Ach – eun nach do dh’ainmich mi anns an Litir sin – ’s e sin a’ chearc-bheinne ris an canar ‘an tàrmachan’. Tha sgeul inntinneach mun tàrmachan aig Alasdair MacIlleMhìcheil ann an Carmina Gadelica. B’ e a’ bhliadhna ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877). Dhìrich Alasdair agus companach gu mullach beinne anns Na Hearadh. Nuair a bha iad shuas air a’ chreachann far an robh na tarmachain a’ còmhnaidh, chuala iad monbar nan eun.

An uair sin, chunnaic iad na h-eòin. Thòisich na tàrmachain air gluasad, an uair sin air ruith, an uair sin chaidh iad air sgèith. Bha companach Alasdair, a bha eòlach air an àite agus air na h-eòin, deimhinne – bha fìor dhroch shìde air an rathad. Bhiodh aig an dithis aca ri teàrnadh gu bonn na beinne gun dàil.

Ghabh Alasdair iongnadh. Bha an t-adhar soilleir, cha robh sgòth ann agus bha i ciùin. Ach dh’fhalbh iad. Taobh a-staigh uair a thìde, dh’fhalbh a’ ghrian. Dh’fhàs na speuran dorch. Taobh a-staigh uair a thìde eile, bha cur is cathadh ann.

Bha a chompanach air a ràdh ris gur e fèin-ghiùlan nan tàrmachan a dh’inns dha gum biodh gailleann-sneachda ann. Saoil an robh seanfhacal aige airson sin?

Litir 1422 Litir 1422

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!