Bha mi ag innse dhuibh mu na Peutanaich ann am Muile. Bha iad nan lighichean ainmeil. B’ e am fear a b’ ainmeile dhiubh an t-Ollamh Muileach, Iain Peutan. A rèir beul-aithris, fhuair e bàs nuair a chaidh a mhurt.
Bha Rìgh na h-Alba airson faighinn a-mach cò an lighiche a bu chomasaiche anns an rìoghachd. Leig e air gun robh e tinn. Thug e cuireadh do chòig duine fichead de na lighichean a bu chliùitiche ann an Alba. Bha e airson ʼs gun innseadh iad uile dha dè bha ceàrr air agus dè an leigheas a dhèanadh iad dha. Am measg nan lighichean bha an t-Ollamh Muileach.
Cha robh na Muilich toilichte gum biodh e air falbh airson ùine ann an Dùn Èideann. ‘Dè nì sinn airson ar cumail fhèin slàn fallain?’ dh’fhaighnich iad.
‘Bithibh sunndach, stuama agus dèanaibh mocheirigh,’ fhreagair an lighiche. Agus dh’fhalbh e. Ach, nuair a ràinig e lùchairt an rìgh, cha robh an rìgh a’ ceadachadh sgrùdadh sam bith leis na lighichean. Thuig an t-Ollamh Muileach sa mhionaid plòigh an rìgh agus gur ann ri cleas a bha e. A rèir choltais, bha an rìgh dhen bheachd gur e sàr-lighiche a bh’ anns an Ollamh oir thuig e dòighean dhaoine.
Ge-tà, bha na lighichean eile farmadach. Chuir iad romhpa Iain Peutan a mharbhadh. Bha fios aca càit am biodh e a’ fuireach air a’ chiad oidhche air a rathad dhachaigh. Thug iad airgead don òstair mar dhuais airson Iain a phuinnseanachadh.
Nuair a ràinig Iain agus a shearbhant an taigh-òsta, dh’iarr an lighiche air an òstair cupa uisge a thoirt dha. Cho luath ʼs a shluig e an t-uisge, bha fios aige gun robh e air a phuinnseanachadh. Dh’iarr e cupa bainne, ach cha robh bainne sam bith ann. Dh’iarr e air a shearbhant falbh a-mach don leas-chàil airson càl fhaighinn. Ach cha robh càl sam bith a’ fàs ann.
‘Uill,’ ars am Peutanach ri a shearbhant, ‘thoir an aire thoirt fhèin agus dèan cinnteach gum faigh thu dhachaigh. Cha mhair mise fada.’ Bha fios aige gun robh an t-òstair air a h-uile stuth a dhèanadh leigheas air a chur an dàrna taobh. Bha an t-Ollamh Muileach ceart. Chaochail e taobh a-staigh beagan mhionaidean. Chaidh an dust aige a thoirt a dh’Eilean Ì far an robh e air a thiodhlacadh.
Mus fhàg sinn Peutanaich Mhuile, tha mi airson innse dhuibh mu Iain Peutan eile – an dàrna mac aig an Ollamh Mhuileach. Bha e na mhinistear Easbaigeach, seach a bhith na lighiche. Ach ʼs ann thuigesan a chaidh an cruinneachadh de làmh-sgrìobhainnean is leabhraichean a bha leis an teaghlach.
Thug e an cruinneachadh sin leis a dh’Èirinn oir chaill e a mhinistrealachd. Aig an àm sin, bha an Eaglais Chlèireach a’ faighinn prìomhachas ann an Alba. Nuair a bha e ann an Èirinn, anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700), thachair e ris an t-sàr-sgoilear Chuimreach, Eideard Lhuyd, a bha a’ dèanamh rannsachadh air na dùthchannan Ceilteach. Bha e a’ dèanamh sgrùdadh air na cànanan, creideamhan is gnàthasan anns a’ Chuimrigh, Èirinn, Alba, A’ Chòrn agus sa Bhreatainn Bhig.
Thug an t-Urramach Iain Peutan taic mhòr do Lhuyd. Dh’ionnsaich an Cuimreach bhuaithe fuaimneachadh, briathrachas agus gràmar na Gàidhlig. Agus ʼs iongantach mura ionnsaich Lhuyd gu leòr bho na làmh-sgrìobhainnean Peutanach mu dheidhinn leigheas air a’ Ghàidhealtachd.