Bha mi ag innse dhuibh mu Leabhar Cheannanais, agus mar a tha cuid dhen bheachd gun robh e air a dhèanamh ann am Machair Rois. Bha manachainn ann am Port mo Cholmaig airson mu cheud bliadhna, bho thoiseach gu deireadh an ochdamh linn. Tha dùil gur e Cruithnich a bha ag obair ann, ged nach eil fianais againn mun chànan a bha iad a’ bruidhinn. Bha iad a’ sgrìobhadh ann an Laidinn.
Tha fianais mun mhanachainn a’ tighinn bho obair a rinn arc-eòlaichean ann. Agus fhuaireadh fianais anns a’ chladhach sin a tha a’ cur ris an sgeul mu Leabhar Cheannanais.
Tha an sgoilear Victoria Whitworth, a sgrìobh an leabhar The Book of Kells: Unlocking the Enigma, air sùil gheur a thoirt air an obair-ealain anns an leabhar. Tha e coltach gun robh dithis an sàs ann. Tha mi an dùil gur e fir a bh’ annta – manaich. Sgrìobh fear dhiubh an teacsa, agus rinn e cuid dhen obair-ealain. Rinn am fear eile obair-ealain a-mhàin. Chan eil fios againn cò bh’ annta no cò às a bha iad.
Buinidh na clachan snaighte as brèagha a th’ againn ann an Alba do Mhachair Rois. Mar a tha Victoria Whitworth a’ sgrìobhadh anns an leabhar aice: ‘The carved stones of the Tarbat peninsula are the finest examples of Pictish stone sculpture to be found anywhere.’
Am measg nan clach, tha an fheadhainn a bhuineas do Bhaile a’ Chnuic, Seannduaig agus An Eig – àiteachan a tha uile faisg air Port mo Cholmaig. Agus tha an obair-ealain orra rudeigin coltach ris na nochdas air duilleagan Leabhar Cheannanais. Tha iad nas coltaiche buileach ma chuimhnicheas sinn gun robh na clachan sin uaireigin air am peantadh ann an dathan brèagha – mar a tha Leabhar Cheannanais.
Math dh’fhaodte gun robh rudeigin ann am fàbhar an luchd-ealain ann am Port mo Cholmaig. ’S e sin a’ chlach a bh’ aca. Bha iad a’ cleachdadh na cloiche a tha pailt anns an sgìre – an Seann Chlach-ghainmhich. Tha e furasta gu leòr a’ chlach seo obrachadh airson cumaidhean fillte a dhèanamh.
Chan ionann i sin agus a’ chlach ann an Eilean Ì air taobh an iar na Gàidhealtachd. Tha i sin gu math cruaidh, agus nas dorra obrachadh. Agus, ged a tha seann chroisean mòra ann an Ì, chan eil obair-ealain air na clachan dhen t-seòrsa a chì sinn ann am Machair Rois, no ann an Leabhar Cheannanais.
Chan eil sin ri ràdh nach robh Port mo Cholmaig ceangailte ri Eilean Ì. Bha an dà mhanachainn faisg air gach ceann dhen Ghleann Mhòr – trom biodh daoine a’ siubhal. Agus bha e air a bhith furasta gu leòr seòladh aig muir eadar Port mo Cholmaig agus Eilean Lindisfarne air costa an ear-thuath Shasainn. Bha Lindisfarne agus Eilean Ì ceangailte tro phearsaichean eaglais a bha a’ dol eatarra.
Agus cò bh’ anns an naomh a tha ainmichte ann am Port mo Cholmaig? Thathar a’ smaoineachadh gum b’ esan Colman, Easbaig Lindisfarne anns na seasgadan dhen t-seachdamh linn. Chaidh esan gu ruige Lindisfarne à Eilean Ì.
Anns an ath Litir bheir sùil air an teicneòlas a bhathar a’ cleachdadh ann am Port mo Cholmaig airson làmh-sgrìobhainnean a dhèanamh. Tha cuid ag ràdh gu bheil sin a’ cur taic ris a’ bheachd gun robh Leabhar Cheannanais air a dhèanamh ann am Port mo Cholmaig.