FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Drochaid an Obh (1)

Dè an ‘drochaid’ air a’ Ghàidhealtachd nach eil na drochaid?

Audio is playing in pop-over.

Drochaid an Obh (1)

Dè an ‘drochaid’ air a’ Ghàidhealtachd nach eil na drochaid? Sin tòimhseachan dhuibh aig toiseach na Litreach an turas seo! Tha drochaid ann nach do ghiùlain duine a-riamh a-null ’s a-nall. Chaidh a togail ach cha deach a togail le daoine.

Ma chanas mi gu bheil an drochaid seo air taobh an ear na Gàidhealtachd, aig beul linne-mhara, ’s dòcha gum bi fios agaibh dè an drochaid a th’ ann. Tha i tuath air Inbhir Nis agus tha i air a’ chrìch eadar Machair Rois agus Machair Chataibh. Tha i faisg air Baile Dhubhthaich.

Tha mi a-mach air Drochaid an Obh. ’S e oitir a th’ innte – oitir-ghainmhich – aig beul Linne Dhòrnaich, eadar Dòrnach agus a’ Mhormhaich Mhòr. Tha i na cunnart do mharaichean oir tha a’ mhuir eu-domhainn agus bidh i gu math garbh aig amannan.

Gu dearbh, mus robh an drochaid-rathaid air a togail faisg air làimh, ’s ann air bàt’-aiseig a bhiodh daoine a’ dol tarsainn na linne. Agus bha Drochaid an Obh cunnartach dhaibh nuair nach robh einnseanan anns na soithichean aca. Ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809) chaidh bàt’-aiseig fodha air Drochaid an Obh, agus bha na ficheadan daoine air am bàthadh.

Anns an Dùbhlachd ochd ceud deug, seasgad ’s a ceithir (1864), bha an sgùinear, an Sarah, a’ seòladh eadar Port mo Cholmaig agus Baile Dhubhthaich. Ged nach robh an t-sìde ro dhona, bha tuinn mhòra ann aig Drochaid an Obh.

Chailleadh smachd air an t-soitheach. Chaidh a druim air a’ ghainmhich agus chaidh a slige a bhriseadh. Thàinig an dorchadas agus cha robh dòchas aig a’ chriutha faighinn às lem beatha. Mhair aon duine beò dhen chriutha de shianar.

Bu chòir dhomh innse dhuibh gu bheil ainm Beurla air Drochaid an Obh cuideachd. ’S e sin ‘Gizzen Briggs’. Tha muinntir na sgìre gu math eòlach oirre eadhon an-diugh.

Tha a’ Bheurla Ghallta air a bhith ann an Ros an Ear fad ùine mhòr, gu h-àraidh am measg nam maraichean, agus anns a’ chànan sin, tha Gizzen Briggs a’ ciallachadh ‘drochaid aoidionach’ no ‘leaky bridge’. Bha an sàr-eòlaiche air ainmean-àite – Uilleam MacBhàtair, a bhuineadh do Mhachair Rois – dhen bheachd gur ann bhon t-Seann Lochlannais a thàinig an t-ainm, seach bhon Bheurla. Chan eil mi cinnteach an robh e ceart no ceàrr, ach coma leinn – ann an Seann Lochlannais, bhiodh e a’ ciallachadh cuideachd ‘drochaid aoidionach’.

Thathar a’ dèanamh dheth gur e creutair-mara os-nàdarrach a bh’ anns an Obh. Tha i air a clàradh cuideachd mar aobh no baobh, a’ ciallachadh ‘wicked, mischievous, female spirit’. Math dh’fhaodte an seòrsa creutair os-nàdarrach a bheireadh maraichean dom bàs.

Tha sgeul eile mun t-soitheach-seòlaidh, an Rotterdam. Bha an sgiobair aice na thrustar. Bha e dhen bheachd gun robh an long cho mòr agus cho goireasach ’s nach bu chòir eagal sam bith a bhith air ro rud sam bith. Dh’fhalbh e a sheòladh air na seachd cuantan. Ach cha robh e air a dhol fada nuair a thàinig e gu beul Linne Dhòrnaich. Agus chuir Drochaid an Obh fodha e.

Aig toiseach na Litreach thuirt mi gun deach Drochaid an Obh a thogail. Innsidh mi dhuibh an sgeul mu dheidhinn sin anns an ath Litir.

Litir 1374 Litir 1374

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!